Gaelic: Leum air do rothair ’ille, mar a nì iad san Òlaind

NUAIR a bha mi a’ dol do Sgoil Cheann a’ Bhàigh eadar 1942 agus 1945 cha robh busaichean ann, ’s cha robh càraichean ach tearc.

Sann le baidhsagal a bha mi a’ siubhal 16 mìle a-nall gach feasgar Di-Haoine ’s a-null air Di-Dòmhnaich. Cha robh e furasta dìreadh agus cromadh thairis air na cnocan air Rathad na Comataidh, ach bha mi a’ faot­ainn eacarsaich gu leòr son mo bhodhaig a chumail fallain.

Cha robh an turas furasta do bhalach nach robh ach dusan bliadhna. Tha an seanfhacal ag radh, “Cha b’e sin an turas an doras an taighe.”

Hide Ad

Anns an Òlaind tha na mìltean a’ siubhal air baidhsagalan, ach tha rathaidean air an comh­arrachadh air an son agus càr­aichean air am bacadh bho mòr­an de na sràidean. Tha Houten, baile anns a bheil 50,000 duine, còig mìle bho Utrecht, ’s tha e air a mheas mar “bhaile nam baidhsagalan”. A’ dol timcheall air son càr­aichean tha cuairt-rathad, agus a’ falbh bhuaithe tha corra shràid far am faodar càr a chleachdadh. Tha mòran den t-sluagh nach fhaic càr ach ainn­eamh.

Ann an Glaschu tha an comhairliche Frank McAveety deòn­ach baile den aon seòrsa a stèidh­eachadh aig Sighthill air taobh a-tuath a’ bhaile. Chaidh e fhèin agus comhairlichean bho bhailt­ean eile gu Houten a dh’fhaotainn fiosrachadh.

Anns an Òlaind tha barrachd de bhaidhsagalan na tha de dhaoine. Tha 27 ás a’ cheud de thurasan air an deanamh air baidhsagalan an coimeas ri 2 ás a’ cheud ann an Alba. Ann an àit­eachan mar Houten chithear peinnseanairean agus clann òga a’ sàbhaladh connadh agus gan cumail fhèin fallain le bhith a’
siubhal air baidhsagalan.