Tarmod: gaol nàdair, agus Leódhas ri linn BCCI

THA Tarmod (Acair, £6) ’na leabhar beag snog anns a bheil 23 pìosan bàrdachd le Tarmod MacLeòid, cho math ri dealbhan dathte dheth fhéin agus dh’a mhnaoi, ’s ro-ràdh mu chùrs’ a bheatha.

Rugadh Tarmod an Siadar a’ Chladaich, dh’ionnsaich e Gàidhlig a leughadh agus a sgrìobhadh san sgoil, ’s thug e a bheatha aig muir ’s mar dhorsair ann an Sgoil Àirigh an Tuim. Tha e an-diugh gu math shuas am bliadhnaichean. Bha e riamh déidheil air a’ mhòintich ’s air na h-eòin, ’s tha an gaol nàdair sin follaiseach san obair aige. Tha seo a’ nochdadh feabhas a rannaigheachd:

A dh’aindeoin gruamachd is greann a’ chuain,

Cathadh stuaghan is fuaim na mara,

Thig eòin len àlan air ais a thàmh oirr’ —

B’ òg a dh’fhàs iad am blàths a’ charraigh.

Ach tha tuilleadh san duine na bàrd math nàdair. Tha ‘Mòinteach Shiadair’ a’ crìochnachadh leis an smuaint gu bheil “an cànan bh’ aig ar pàrantan an-diugh le blas nan Gall”. ’S tha Tarmod ag aithris air tachartasan móra sònraichte eadar 1970 agus 2010: ola sa Chuan a-Tuath; BCCI; Ciad(?) Chogadh a’ Ghulf (“Airson na mharbh iad, gun tigear garbh orr’ – / Bidh iad nan targaid bho arm nan Gàidheal”); an tuathanas gaoithe a chaidh a mhaoidheadh air a’ mhòintich ’s air a cuid eunlaith. Chan eil barail Tharmoid againn air bancairean an latha an-diugh, ach, taing mhór dhaibhsan, tha an dealbh seo aige de Leódhas ri linn BCCI gu bhith fìor dhuinn uile a-nist:

Gach rathad agus cabhsair, potholes cha bhi gann orr’,

Na lamp-posts, bidh iad cam ’s iad fo chòinneach;

An tax, bidh i trom, agus binmen cha bhi ann,

Agus scrapheaps cha bhi gann air gach còrnair.